Beannachadh Bàird.

Mìle fàilte dhuit le ’d bhrèid,

Fad’ a rè gu’n robh thu slàn,

Moran laithean dhuit as sìth,

Le d’ mhaitheas as le d’ nì ’bhith fàs.

A chulaidh cheiteas a chaidh suas.

’S tric a thairin buaidh air mnaoi—

Bithse gu suilceach, ceiteach,

O thionnseain thu fhein ’san treubh.

An tùs do choiruith ’s tu òg,

An tùs gach lò iarr Righ nan Dùl;

Cha’n’ eagal nach dean e gu ceart

Gach dearbh-bheachd a bhios ’nad rùn,

Bithsa fialuidh—ach bith glic.

Bith misneachail—ach bith stolt.

Na bith brith’nach, ’s na bith balbh,

Na bith mear na marbh ’s tu òg;

Bith gleidhteach air do dhea ainm,

Ach na bith duinte ’s na bith fuar;

Na labhair fòs air neach gu olc,

’S ged labhras ort, na taisbean fuath.

Na bith gearannach fo chrois,

Falbh socair le cupan làn;

Chaoidh dh’ an olc na tabhair spèis—

As le ’d bhrèid ort, mìle fàilt!

Whether with the sense of the above we have succeeded in catching anything of its quaint beauty and tenderness in the following lines, is for the reader to judge:—