Buainidh mis’ an t-achlasan,

’S e luibh nam ban fionn e,

’S e chuirm eireachdail e

’S a chuirt shòghail.

Luibh fhirionn e, luibh bhoirionn e,

Luibh bh’aig eòin an allt e,

Luibh bh’aig Ni Math na eiginn

’S aig Chrisd air aineol,

’S b’fhearr a dhuais do’n laimh dheas,

Am bitheadh e.