Oran da Shir Coinneach Ghearrloch an oidhche a phos e.

Chuala mi naigheachd ro thaitneach ri h-eis 'neachd,
Sgeula chaidh aithris am baile Dhun-eidin,
Sir Coinneach bhi seachnadh ard bhan-tighearnan Shasuinn,
Sa posadh ri ainnir, cho maiseach ri te dhiu'.

Nighean tighearn Ilè tha cinnteach ro uasal,
Cho fad sa theid firinn a sgriobhadh man cuairt dì',
Eireachdail, finealta, direach, ro-stuama,
Ailleagan priseil, bho shin i air gluasad.

'S ciatach a charaid 's iad Gaidh'lach le cheile,
Tha uaisle nan nadur thug bar air na ceudan,
"Ban-tighearn og Ghearrloch" an trath sa dha h-eigheachd,
'S cupaichean lana dha 'n traghadh le eibhneas.

Tein-aighir 's gach aite, le gairdeachas inntinn,
Bho iosal Strath Ghearrloch gu Braighé na tirè
An tuath-cheatharn laidir dha'm b-abhaist bhi dileas,
A dearbhadh an cairdeas 's an daimh nach da dhiobair.

Tha i' slean 'us uaislean san uair so aig feasda,
Ag innse gach buaidh a bha dualach dha'n teaghlach,
Nan suidhè gu h-uallach an guaillean a cheile
Ag guidhe bhi buan doibh, le suaibhneas 'us eibhneas.

A bhan-tighearn og aluinn tha'n traths air an tir so,
A dh-fhior fhuil nan Armunn bha tamh ann an Ilè,
Na Caimbeulaich laidir, bho chrioch Ar-a-Ghaidheil,
Toir buaidh air an namhaid 's gach ait anns am bi iad.

Tha cliu air na gaisgich dha'm b-aitreabh an tigh Digè,
'S priseil an eachdraidh th'air cleachdadh na sinnsear,
Bu mhoralach, maiseach, an curaidh Sir Eachainn;
Bha eis'neachd aig fhacal am Bailè na rioghachd.

Sir Frank, an duin' uasal, bu shuaircè ro choir e,
Meas aig an t-sluagh air, 's bha 'n tuath air an seol leis,
Sealgair na'm fuar-bheann, ceum uallach air mointich:
'S minic a bhuail e, na luath's an damh croiceach.

Buaidh 'us cinneachdainn piseach, 'us ainm dhoibh,
Slaintè 'us toileachdainn, sonas 'us sealbh dhoibh,
Saoghal fada, gun ghainnè, gun chearb dhoibh,
Gearrloch 'us Lagaidh, bhi pailt ann an airgiod.