Innseam pàirt do dreach nan reul:

Bu gheal a deud gu h-ùr dlù:

Mar channach an t-sléibh

Bha cneas fa h-eideadh ùr.

Bha a bràighe cearclach bân

Mar shneachda tlà nam beann;

Bha a dà chich ag eiridh làn:

B’e’n dreach sud miann nan sonn.

Bu shoitheamh binn a gloir;

S’ bu deirge na’n ròs a beul: