A chionn bhi fagail Fionn-Airidh.
Bu tric a ghabh me scriob leam fhéin,
Mu ’n cuairt air lùchairt Fhinn an tréin;
’S a dh’éisd mi sgeulachdan na Féinn
’G an cur an céill am Fionn-Airidh.
’S bu tric a sheall mi feasgair Mairt
Far am biodh Oisein sinn a dhan;
A’ comhead gréin’ aig ioma tra
Dol seach gach la ’s mi ’m Fionn-Airidh.
Beannachd le athair mo ghraidh,