“Gu’m biodh Cuirt Fearainn le comasan breith agus riaghlaidh air a stéidheachadh air son Gàidhealtachd agus Eileana na h-Alba air son gach ceist a dh’éireas eadar na h-uachdarain agus an Tuath a shocrachadh; agus an coitcheannas a dh’òrdachadh gu’m biodh am fearann air a roinn agus air a chur am feum air son math an t-sluaigh.
“Làn ughdarras gu bhi aig a’ Chùirt—
‘1mh.—A shuidheachadh nam màl a bhios air am pàidheadh, agus nan cumhnantan air am bi am fearann air a ghabhail.
‘2mh.—A mheudachadh nam bailtean anns am bheil Croitearan a nis, agus a dheanamh bailtean ùra agus tuathanachais air fearann ’sam bith a chi a’ Chùirt freagarrach; paidheadh iomchuidh a bhi air a thoirt airson call ’sam bith a thig air an fheadhainn aig am bheil am fearann an dràsd.
‘3mh.—A dh’ŏrdachadh gu’m biodh tighean freagarrach, le roinnean do’n fhearrann, air an ullachadh, air cùmhnantan ceart, air son seirbheisich agus luchd-obair an fhearainn.
‘4mh.—A shochrachadh gach riaghailt a bhuineas do Shealg; gun fearann ’sam bith ri bhi air a ghabhaìl air son seilg ás eugmhais aonta na Cùirt.
“Gu’m bi comas aig Luchd-riaghlaidh nan Sgirean, fo sheoladh na Cùirt, air aigiod rioghachdail fhaotainn an iasad air urras nan cisean, gu bhi air a’ thoirt an coingheall do’n Tuath Bhig, Croiteirean, is Coiteirein, a dh’ullachadh thighean is stoc; na h-iasaid so ri fuireach fo bhoinn ath-phàidhidh air urras nan tuathanachais, nam bailtean, nan croitean, ’s an stuic gus am faigh Luch-raighlaidh nan Sgìrean an cuid féin air ais.
“Gur h-ann aig a’ mhuintir a tha ag àiteachadh a’ ghruinnd a bhios còir air toradh gach ath-leasachadh no seilbh a bhios air a chruthachadh ann no air an fhearann leosan a tha ’ga oibreachadh; agus bidh e comasach doibh an còirchean ’nan gabhaltais a reic no air dòigh eile dealachadh riu; a’mhuinntir a thig ’nan déigh gu bhi fo na h-aon chùmhnantan, ’s an seilbh air na h-uile chòirichean agus shochairean, a bha aig an fheadhainn a bha rompa.
“Gu’m hi gabhaltais cinnteach no seasmhach aig uile luchd-aiteachaidh an fhearainn; se sin ri râdh nach bi iad air an gluasad cho fhad ’s a bhios na màil a shuidicheas a’ Chùirt air am pàidheadh, agus cùmhnantan a ghabhaltais air an coimhlionadh.”