Tha do bhreacan ùr uallach
Air uachdar nan glas thonn
’S fuil do chinn aig an fhaoilinn
’S fuil do thaobh aig an fharspaig
Thùg horoinn O.
’S fuil do chinn aig an fhaoilinn
’S fhuil do thaobh aig an fharspaig:
Tha do phiuthar gun bhràthair
’S do mhàthair gun mhac dheth
Do bhean òg ’s i gun chéile