Gun daoine gun duine na raoin tha mi ’siubhal,

’S gun ’s an t-saoghal do ’m chuideachd

Ach piuthar gun iochd.

Dh’ iarr ise ’s thug mise do mheud mo thoil-inntinn;

’S mi gun neach ’bu disle g’ an innsinn mo rùn;

Ach dh’ fhairich mi sid ’s thug e snidh’ air mo léirsinn

Gur luaithe ’thig sgeul o ’n bheul na o ’n ghlùn.

An sin thuirt i na guidheachan so:—

“Na-na-chinn ’s na-na-chuir thu t-ùidh,

’S na-na-shil an driùchd ad shlios,