Is e ughdair so Ossian.
Aithnichte domh sgeul beag air Fionn, ni sgeul nach cuirear an suim, Air Mac Cumhail fa maith goil, fa cuimhne sin ri ’m ré. Do bha sinn beagan sluaigh, aig Easruadh nan eagan mall, Do chi sinn fo sheòl air tràidh, currach mòr ’us bean ann. Caogad laoch guineach mu ’n rìgh, fa maith air ghniomh air gach gart, Fir d’ ar n-eis is mairg a chite, do ghabhamaid air gach tìr neart. Do eireamar uile gu dion, ach Fionn nam Fiann ’us Gall, Do fheitheamh a churraich fa h-airde ceum, bha ’n a reim a sgoltadh nan tonn. Ni dheanadh tàmh ann a teachd, gu ’r ghabh cala ’s a phort ghnàth. Aig teachd do thìr an eas, do eirich as maca mnatha, Gile a dealradh no sitheadh gréine, ’us is mìn nòs a deilbh; An ainnir a thainig an céin, do bhamaid féin roimpe soirbh. Thig thugainn gu pubull Fhinn, ’us beannaicheas gu grinn doibh, Fhreagair Mac Cumhail ’na aonar, am beannachd binn gun toigh, Do fharraid an rìgh fa maith dreach, gu h-ard do nighean an dath ghloin, Co ’n treabh as an d’ thainig a bhean, thoir sgeul gu geur dhuinn. Nighean mi rìgh thìr fo thuinn, innisid gu cruinn mo dhàil, Ni bheil treabh fa ’n iadh grian, nar iarras féin do laoich fial, A rioghan a shiubhail gach ròid, a nighean òig is maith dealbh, An tosga fa thainigeas an cein, tabhaireas doibh féin gu dearbh. Mo chomraich ort ma ’s tu Fionn, do ràdh ruinn am maca mnatha, D’ fheabhas d’ ùrlabhraidh ’us do shluaigh, gabh mo chomraich gu luath tràth. Deir an rìgh fa maith fios, sloinn a nis co th’ air do thi, Gabham ri ’d chomraich, a bhean, air gach fear dha ’m bheil an cridhe. Tha le fioch a teachd thar muir, laoch is maith goil air mo lorg, Mac rìgh na Sorcha is maith airm, ’us do ’n ainm an Daire Borb. Do chuireas geasan ’n a chionn, gum beireadh Fionn mi air sàl, ’Us nach bithinn aige mar mhnaoi, ge ’r mhaith a ghniomh ’us ’àgh. Do ràdh Osgar le gloir mhèar, am fear sin a chosg gach rìgh, Gun ge ’r fòireadh Fionn do gheas, ni rachadh tu leis mar mhnaoi. Do chi sinn teachd thar steud, laoch ’s a mheud os gach fear, ’Siubhal na fairge gu dian, ’s an iùl cheudna ’ghabh a bhean, Clogaid teann tighinn mu ’cheann, fa ’n fhear nar thioma ’us bu treun, Sgiath chruinn dhubh air a dheas, a druim làn chleas air a cleibh, Claidheamh trom toirteal nach gann, gu teann air taobh an fhir mhoir, Ag imirt chleas os a chionn, ’us a teachd an connimh an t-sluaigh, A dha mhanais gaisge le buaidh, a seasamh an gualainn a sgéith, Air neart, air ghaisge, air ghoile, ni bheil fear mear ach e, Neul flath ’us rosg rìgh, an ceann an fhir fa caomh cruth, Maith a shnuadh ’us geal a dheud, is luaithe a steud no gach sruth, Thainig an steud sin air tìr, ’s am fear nar mhìn ris an Fheinn. Caogad laoch bhith’maid ann, a choinnich a dh’ ionnsuidh an fhir, Air eagal an fhir ’us a theachd, ni robh laoch gun ghrain. De thuinn mar thainig air tìr, d’ fharraid an rìgh fa maith cliù, An aithnich thu féin a bhean, an e sud am fear a deir tu? Aithnicheam, Mhic Cumhail, a Fhinn, is pùdhar leam e do d’ Fheinn, Tairgidh se mise a bhreith leis, ge maith do threise, Fhinn aill, Do eirich Osgar agus Gall, bu bhorb cosgair lonn nan cath, ’N an seasamh an goire do ’n t-sloigh, eadar am fear mòr ’s am flath, Thainig an laoch bu mhaith tlachd, le fioch ’us le neart ’n a cheann, Agus faigheas uainn a bhean, do bha ’n goire do ghualainn Fhinn, Thug Mac Moirne an t-urchar dian, gu cruaidh ’n a dheigh do ’n t-sleigh, Nior fann an t-urchar nior e, dhe ’sgéith gun d’ rinneadh da bhloidh. Do chrath Osgar fa mòir fheirg a chrios dhearg dhe ’laimh chlì, Agus marbhas steud an fhir, mòr an t-euchd a rinneadh leatha. ’N uair thuit an steud air an leirg, dh’ iompaich e le feirg ’us le fioch, Agus fògras, borb an taom, comhrag air na caogad laoich. An taobh mo dh’ ionnsuidh féin ’us d’ Fhinn, caogad laoch nior thiom ’n a dhàil, Ge ’r mhaith an seasamh ’s an trosd, do gheill an cosg le a laimh. Bheireadh da bhuille gu mear, gu dian do gach fear dhiubh sin, Do bhitheamaid uile fa h-ùir, mar h-ùmh ag comhrag fir. Cheangail tri naoinear le buaidh, ’s an iorghuill chruaidh sul do sguir, Gu cruaidh ceangail nan tri chaoil, air gach aon diubh sin a chuir. Do dhruid Gall an aigne mhir, gu leadairt an fhir an goire roimhe, Cia b’e chitheadh iad an sin, bu gharbh an goile ’s an gleò; Thorchair Mac Moirne le a laimh, Mac rìgh na Sorcha, sgeul mòr; Is mairg treabh o ’n d’ thàinig a bhean, fa thuit am fear an goire romha. ’Us air tuiteam an fhir mhòir, an goire do ’n chuan, cruaidh an ceum, Do bhi nighean rìgh thir fo thuinn, bliadhna aig Fionn anns an Fheinn. Flann mac Moirne cruaidh ’an càs, fhuair bàs, bu mhòr an t-euchd, Ni robh a thainig as dhiubh, gun a chneas làn de chreuchd: M’ athairse féin bu mhaith tlachd, neach am bochd riamh nior eur. ’Us nis is deireadh do ’n ghniomh, air Fionn is aithnichte domh sgeul. Aithnichte domh sgeul.
ANCIENT.
Auctor hujus Ossane M’finn.
Sai la guss in dei oy nach vaga mai finn Chanaka rem rai sai boo zar lym Mak neyn oe heik ree nyth wollych trom Meddi is mo raith mo cheyl is mo chon Fa filla fa flaa fa ree er girre Finn fla re no vane fa treach er gych ter Fa meille mor marre fa lowor er lerg Fa shawok glan geith fa seith er gi carde Fa hillanich carda fa markyth nor verve Fa hollow er zneith fa steith er gi scherm Fa fer chart a wrai fa tawicht toye Fa hynseith naige fa bratha er boye Fa hai in techter ard er chalm is er keol Fa dwlta nyn dawf o zaik graig ni glar A kness mir a galk a zroie mir in ross Bi zlan gorm a rosk a holt myr in tor Fa dwle dawf is doonna fa haryth nyn aw Fa hollow er znee fa meine ri mnawe Fa hai meille mor mak mwrna gi mygh Bar lynyth nyn land an cranna os gych ig Fa saywar in rygh a vodla mor zlass nyth Din zort zar zewe terf nocha thra . . . . . . . . . . . . . . . . . . brone bane . . . er nyth tloye fa bi chroy cham Fa chossnw in greit fa vanve ni bann Gin dug in flath trechaid cath fa chann Er scrattych o zea M’Cowle nor chail Id deir fa zoo ne closs goo na vail Ner earne er nach zor air voo ynd Cha royve ach re grane re reyve vass a chynn Neir aik pest in locht na arrych in noef Neryn nyn neve ner varve in ser soyve Ne hynasse zneve a beine gin de bra Ner ynasse voym trane a voye si waa Ach is olk id tam in dei ind ni vane Di quhy less in flath gi math wa na zei Gin angnow in vor gin annith glan geith Gin nor in mne ree is gin wre ni leich Is tursych id tam in dei chinni ni gaid Is me in crann er creith is me keive er naik Is me chnoo cheith is me in teach gin schrane Achadane mi nor is me in toath gin treath Is me ossin m’fynn er trane ym zneith Nad be voa finn di bi lwm gi neith Vii sliss er y hyg m’kowl gyn blygh Vii fythit skae cliss er gi sliss deu sen Kegit ymme oole in dymchale mi ree Kegit leich gin ymzwn syth gith ymme zeive xt pley bane na hallith re hoil xt urskir gorm xt corn in noor Ach bi wath in traive a wag finni ni vane Gyn dochil gin drow gyn glw is gyn gley Gyn talkis ind er in err za ayne Ag dol er gi nae di weith cach za rar Finn flath in tloye sothran er a lou Re nyn wlle aig roy zwnni ni ner zwlt Ner zwlt finn ree nath ga bi veg a lynn Char churre ass i heach nach zor danyth ann Math in donna finn math in donna ai Noch char helic nath lai zor helic sai. Sai.
MODERN.
Auctor hujus Ossian Mac Fhinn.
Se la gus an dé, o nach fhaca mi Fionn, Cha-n fhaca ri ’m ré, saoi bu gheire leam; Mac nighinn O’ Theige, rìgh nam buillean tròm. M’ eud ’s mo rath, mo chiall ’s mo chon, Fa filidh fa flath, fa rìgh air gheire, Fionn flath, rìgh na Feinn, fa treabhach air gach tìr, Fa miall mòr mara, fa leobhar air leirg, Fa sheabhag glan gaoithe, fa sith air gach ceairde, Fa oileanach ceart, fa mairg nior mhearbh, Fa ullamh air ghniomh, fa steidh air gach seirm, Fa fior ceart a bhreth, fa tàmhaiche tuaith, Fa ionnsaichte ’n a aigh, fa brathach air buaidh, Fa h-e an teachdair ard, air chalm ’us air cheol, Fa diùltadh nan daimh, o dh’ fhàg greagh na clàr, A chneas mar an cailc, a ghruaidh mar an ròs, Bu ghlan gorm a rosg, ’fholt mar an t-òr, Fa dùil daimh ’us daoine, fa aireach nan àgh, Fa ullamh air ghniomh, fa mìn ri mnathaibh, Fa h-e am miall mòr, mac muirne gach magh, B’ fhear loinneadh nan lann, an crann os gach fiodh. Fa saoibhir an rìgh, a bhotal mor glas, D’ fhion ghort ghear gharbh, tairbh noch char threa . . . . . . . . . . . . . . . . . . . . . broinn bhàin, . . . air an t-sluagh, fa bu chruaidh cheum, Fa chosnadh an gniomh, fa Bhanbha bhain, Gun d’ thug am flath, tricheud cath fa a ceann, Air sgraiteach dha, M’Cumhail nior cheil, A deir fa a ghò, ni clos gò ’na bheul, Ni euradh air ni, fhuair fear o Fhionn, Cha robh aca ri gréin, rìgh riamh as a chionn, Nior dh’ fhàg beist an loch, no nathair an nimh, An Eirinn nan naomh, nar mharbh an saor seimh, Ni h-innisinn a ghniomh, a bhithinn gu de bhràth, Nior innisinn uam, trian a bhuaidh ’s a mhaith, Ach is olc a taim, an deigh Fhinn nam Féinn, Do chaidh leis an fhlath, gach maith bha ’na dhéigh, Gun anghnath aoin mhòir, gun eineach glan gaoithe, Gun òr ’us mnatha rìgh, ’s gun bhreith nan laoch. Is tuirseach a taim an deigh chinn nan ceud, Is mi an crann air chrith, ’s mo chiabh do m’ fhàg, Is mi a chno chith, is mi an t-each gun srian, Achadan mi an uair, is mi an tuath gun treabh, Is mi Ossian mac Fhinn, air trian de ’m ghniomh, An fhad bu bheò Fionn, do bu leam gach ni, Seachd slios air a thigh, M’Cumhail co fleadh Seachd fichead sgiath chleas, air gach slios dhiubh sin, Caogad uidheam olaidh an timchioll mo rìgh, Caogad laoch gun iomagan, anns gach uidheam dhiubh, Deich bleidh bàn, ’n a thalla ri òl, Deich eascradh gorm, deich corn de ’n òr, Ach bu mhaith an treabh, a bh’ aig Fionn nam Feinn, Gun doichioll gun druth, gun gleois gun gléidh, Gun tarchuis ann, air aon fhear dh’a Fheinn, Aig dol air gach ni, do bha càch d’a réir, Fionn flath an t-sluaigh, sothran air a luaidh, Rìgh nan uile aigh, roimh dhuine nior dhiult, Nior dhiult Fionn roimh neach, ge bu bheag a loinn, Char chuir as a theach, neach dha ’r thainig ann, Maith an duine Fionn, maith an duine e, Noch char thiodhlaic neach, le dha ’r thiodhlaic se. Sé.