An t-ùghdair so sios, Allan Mac Ruaraidh.

Mòr an nochd mo chumha féin a thailginn a tha do ’m réir, Ri smuaintinn a chatha chruaidh thugamar ’us Carbair crann ruaidh, Am mac sin Chormaig O’Chuinn, mairg an fheadhan a tharladh fo ’chuing, Rìgh gun chàs o ’n chath do chuireadh leis gun ghrain roimh beothaibh, Cheangladh sinn gach uile Fiann, thun Fhinn ’us cloinne caoimh Chuinn, Gus do bhi sin Carbair ruadh, nior smuainich sinn olc no ainmhein. Do chan Carbair ris an t-sluagh, agus do b ’e an ealaidh chruaidh, Gur b’ fhearr leis tuiteam air magh, agus an Fheinn le chéile, No na righre bhi fa ùir, agus an Fheinn a bhi air Eirinn. Do chan Barruinn gu prap, cuimhnich Mucraidh agus Art, Bhur sinnsreadh thuiteam an sin, de bhreith foill na Feinn, Cuimhnich na geasan chruaidh, ’us cuimhnich an on uamhor, ’Us nach robh aon chogadh ri ’m linn, ach na thog Mac Cumhail. B’e comhairle chlanna Chuinn, agus Charbair na laimhe truime, Iad féin a thabhairt do ’r cinn, agus sinne a dhochainneadh, Gu maireadh ’n a dheidh fleadh, ’us gun Fheinn a bhi ’n Almhainn, ’Us bhitheas bàs fa dhiomb, an trath nach bitheas ann mar dhlighe. Thug sinn gu fiadhaich feargach, an cath sin cath Ghabhra. Do thuit an Fheinn bonn ri bonn ’us righre uasal Eirinn. Ni robh o ’n Innia an ear, gu Fodla iar an domhain, Aon righ nach robh fo ’r smachd, r ’ar linn gus a chath sin, a thailginn; O chuireadh an sin ar n-àr nior ghabh dhuinn cìs no càin, ’Us ni robh aig duine cith ruinn ach far cuid de dh’ iath an Eirinn, Iomadh bhi air feadh an domhain mhoir nach làthair bhi an deigh an t-sloidh, Ni faoin lamh air laimh a thuiteam le na chéile, Da tig fiadhaich almharaich an sin orra ’an Eirinn iath-ghlan. Ossiain, creud a dheanadh Fionn, agus iarsma far an Eirinn? Air a laimh a chléirich chaidh, ni robh ’s a Bhanbha bhàin, Beagan de laochraidh arsaidh agus oigridh gun dearbhadh; Ge b’ e rìgh a sheasadh an sin gheabhadh se Fodla an nasgaidh, Gun chath, gun iorghuill, gun agh, gun on, gun achmhasan. Chuir sinn ar teachta saor gu fàth Mac mhic Cuinn. Do chaidh uainn ’n ar cinn do ghabhail righre Eirinn, Mor an tigh sin d’ imich oir bha rìgh Teamhra fa mòr toirm, Tuilleadh aobhar a tug gu dol a mharbhadh ar n-uile. Ossian, innis doibh sgeul ’n uair chuir sibh an iorghuill threun, ’N uair thuit do mhac-sa ’s a chath, an do rug thu air a labhradh? Os cionn mo mhic Osgair aine thàinig mis air cur an àir, Do thainig Caoilte air sin oscionn a sheachdnar cloinne, Thainig na robh beò de ’r Feinn os cionn an cairdean fein, Droing dhiubh labhradar sin ’us bhi droing eile gun anamain. A chleirich a bhachuil bhàin, ge bith do chitheadh an t-àr, Bu mhòr an truaighe ri ’r linn uailse Eirinn do thuiteam. Iomadh cobhra codat caomh, iomadh luireach shitheach shaor Iomadh sgiath tharsna ’s a mhagh, agus a triath gun anamain, Cha dubhach sin do ’n t-sluaigh mar a b’ àl air an robh buaidh, Cha tug sinn leinn as a chath ach faoibh rìgh no ardlaoich. ’S ann a fhuair mi mo mhac féin ’n luidhe air ’uilinn clì, A sgiath ’n a bhris air an làr, agus a lann ’n a dheas laimh, De ’n fhuil aille air gach leth, d’iadh air blaghaibh a luirich, Leigeam earrlinn mo shleidh ri làr agus rinneas os a chionn tàmh, Smuaineam a thailginn air sin creud a deanainn ’n a dheigh, Do thill Osgar riumsa suas agus bu leòr leam a chrois, Do shìn e thugam a làmh air mhiann air mo chòmhdhail, Do ghabh mi làmh mo mhic féin ’us do thugas ràn cruaidh, ’Us o an taobh sin a leth nior chuireas càs ’s an t-saoghal, Thubhairt riumsa mo mhac féin fear agus e an oir anamainn, Fo ris na dùilibh sin do bhi-sa slàn a athair, Ni dheanaimse innseadh ghò, ni robh agam freagradh dha, Gu ’n tainig Caoilte mòr sin thugainn a dh’ fhaicinn Osgar. A dubhairt Mac Ronain an aigh, ach cionnus tathas, a ghràidh; A tathaim ar’ Osgar mar is dlighe ’dol an comhar saoghail aighe, Chreuchd sleadh Charbair ruaidh fa imlinn Osgair armruaidh, Lamh Chaoilte gu ’uilinn do rach an creuchdaibh na sleigh, Sireas Caoilte an cneadh air choir, do fhuair gach ni ’na dhoigh, Do fhuair a dhruim creuchta glan air a ghearradh le ’gheur shleadh. Sgreadas Mac Ronain an sin agus tuiteas gu talmhainn; Do thubhairt Caoilte am milidh treun air bhi dha air triall an dubh neul, Fìrinn sin a Osgar ail a sgarras ri na Feinn, ’Us sgaraidh cath ri Fiannaibh, bithidh an cìs aig siol mòr Chuinn. Goirid a bhi dhuinn mar sin a Mhic Alpain, a chléirich, Gu facadh thugainn o ’n àr na robh beò de Fhiannaibh Fail, Fichead ceud dhaoine mar sin eadar oigridh ’us àrsaidh; Ni robh duine slàn diubh sin againn de ’n fhichead ceud sin, Ach fear naoi guine gu nimh, fath lugh aig gun de chreuchdadh. Togamar an t-Osgar arnaidh, air chrannaibh sleidh an àirde, Beirminn e gu tulach ghrinn, do thabhairt dheth ’éideadh; Leud a bhoise dhe ’n chorp cha robh slàn o ’fholt, No gu ruig a bhuinn làr ach ’aghaidh ’n a h-aonaran; An inigh, ’s an dùin, ’s an àra, geilleachdainn d’a chorp gu la, Gur thog sinn clann Mhic na Feinn, air chnocaibh ard aoibhinn, Nior chaoin neach a mhac féin, nior chaoin a bhràthair fa dheoigh, Ri faicsinn mo mhac-sa mar sin, càch uile a caoineadh Osgair. Goirid a bin dhuinn mar sin, air curaidh a chuirp chaoimh ghil, Gu facadh thugain fa nòin, Fionn mac Cumhail mhic Threinmhoir. Gu tugsidear anns an àr trian beò de dh’ Fhiannaibh Fail, Air faighail clanna Boisgne an iuir fa chaiseal chrò ’s an iorghuil; Do bu ro bhacach na fir agus gràineil na milidh; Gu faca sinn meirghe Fhinn, ri crann sleidh os ar cionn, Thugsaid thugainn as an àr; do thug sinn ’n a comhdhail, Do bheannaich sinn uile dh’ Fhinn agus char fhreagair e sinn, ’Dol air tulach nan treun, far an robh Osgar armgheur, ’N uair a mhothaich Osgar Fionn air teachd da os a chionn, Togas an aghaidh neochlaon, ’us beannaicheas d’ a sheanathair. A dubhairt an t-Osgar an sin, ri Mac Muirne ’s an uair sin, Mo chion feasd ris an eug air fhaicinn a Fhinn airmgheir, Truagh, a Osgair arnaidh a dheadh mhic mo mhic-sa fein, Mise air a dheigh is fann, ’us air deigh Feinn Eirinn, Mallachd ort a fhir co ’m buaidh ’s e is duibh thainig ri m’ shluagh, Do lean e orm o shear, na gu rachadh mi an aonach, Slàn uam do iarghuil ’s do àgh, slan do gach cìs a thogail, Slan do gach maith uam a nis, ach na faigheam de ’n chom so, Ri clàistinn caolmhuinn Fhinn, an arraing Osgar do ling, Do shìn e uaith a dha làmh ’us do dh’ iath a rosg roinnbhlath. Do thionndadh Fionn ruinn a chùl, do shileadh dheur gu dùr; Ach fa Osgar ’us fa Bhran, cha d’ rinn se deur air talmhainn, Ach mise mhain agus Fionn ni robh de dh’ Fheinn os a chionn, Thug iad tri ghàir ’s an uair, a chlos fa Eirinn aghmhor. Cuig fichead ceud, deich ’us deich ceud air an comhaireimh dhinn féin, Bha de ’n Fheinn marbh air a mhagh, gun aon duine dheth easbhuidh, A dha ùrdail sin ’us ni gò ’us Rìgh Eirinn sgeul fa mo, Bha marbh air an taobh eile, do shluagh Eirinn arm-ghrinn, Ni robh Fionn suilbhir no seimh, o sin gu theachd a bhàis; O ’n ghleò sin ni fearda leis, righrean bhi a dhìth fearainn. O ’n chath sin cath Ghabhra nocha d’ rinn mi treun labhradh, Cha robh an uair riamh no lo, nar leig mi osnadh lan mhòr. Mòr an nochd.

ANCIENT.

A houdir so seis Farris filli.

Ard agne zwlle, fer coggi finn Leich loyvir loonn, owil ne timmi Seir anich soss, ser snaig heive Murrich er sloyg, goole crowich keive Mak mornyth marri, fa croith in goll A clew fa schen, far geinnoll sen Reith finnith fayl, ne timmi glor Ne seywe a chail, leich eyve mor Noor heyd a gayth, rayme flath feich Ga meine a chness, ne in tass in neith A waid ne i myn, oosi geagi torri Say is glenny gen, eyddi ni skoll Ooss barri benn, errir sen rynn Fa heggill lenn, a hagri hecht rinn Derrim rwt a inn, na drillis noonn Di warr agli zwle, hagni gi tromm Gin chur ra wath, si cath ne in doe Inseich chayth, kinseleich sloe A anich ne min, fullich in fer Dossi ni skoll, ossil a zen Wrrik a loeg, torvirdych fayll A throst cayth is boyn, foss flath a chayl Dwn na olt, a wrunni mir chelk Wmlane mi chorp, lomlane da herk Memnycht a weiss, dalweich a znwss Ne elle re ooss gowle, ne chell ort a inn Tress ni doon, a zasga zrin Flaaoll foss, daytholl a kness Er zoole ne cless, ne slim er hass Broontych a zale, convych a royr Ferriddi mein, melleddi moyr Da rayth gi brayth, aw agis eich Nawch ri cayth, lawch a leich Claa chonis woyn, sonnis ni wayne Monmurrycht coyn, illericht dane Loyvin er aw, croyth na grewith Loyvir a layve, royg ni reith Sonnis ni rowd, sollis a zaid Curris say layve, gych trayn da wayd Boyn rowni a nir, boy corrik er Leydwich a zolli, egni in sterr Leich cwnych loonn, neawnych la lynn Targissi goole, argissicht lynni Leich arm mar, fargycht ra chin Colg convych er, onchon er zoll Fer zalle ni gonn, royt zraw ni ban Beith dawe gin non, di znaa na zarr La beowe rod, a rot ne in tlaa Meith ni grayth, a zrayth fa blaa Seyor a chrow, awzor a rath Ne in tranith shrow, na reym in gayth Math morn is dane, fa orryth a zoyl Innoyr a zloyr, beith woyn a chrayn Trayth marri mer, fayle ferri a chorri Gin tayr na zerr, a zaille er forri Mak teadis cheiwe, nach tregi dawe Gin choggi reith, nar laggi a layve Oowir a cholk, is borbe a zloa Nor erris arg, trane shelga zea A vc cowle zrinn, coythwil ess gyle See boynych di zoell, gin noa gin nawle In ness rame lay, a zuayn zoo Werrin gin chelga, trayn selga zoo Ni twlli a ann, far nass i gor Graw tenni inn, trane chon a zooll Treg heich a zwle, be seichith ronn Nad ray gin ving, trane feich finn Zoywidsi sinni, arriss a ayll Is skeil mi zroym, ne wor mi wane Carri gin kelg, bail tanni derg Anich si low, a clow oss ard. Ard agni zwl.

MODERN.

Is e ùghdair so sios Ferghus Filidh.

Ard aigne Ghuill, fear cogaidh Fhinn, Laoch leobhar lonn, ’fhoghail nach tioma Saor eineach suas, saor snaidheach a thaobh, Murrach air sluagh, Goll cruthach caomh, Mac Moirne mear, fa crodha an goil, A chliù fa sean, fear geanail sin Rìgh feinnidh fial, ni tioma gloir, Ni ’n saobh a chiall, laoch aoibhidh mòr, ’N uair theid an cath, reim flath fioch, Ge mìn a chneas, ni ’n taise ’an ni, A mheud ni mion, os geug an toradh, ’S e is gloinne gean, oide nan sgoil, Os barraibh bheann, eirear ’s an raoin. Deirim riut a Fhinn, na triallas nunn, Do fearr eagal Ghuill, aigne ge trom, Gun chuireas ri mhaith, ’s a chath ni ’n doigh, Ionnsaidheach caidh, ceannsalach sloigh, A eineach ni mion, fuileach am fear, Toiseach nan sgoil, uasail a ghean, Oirdhearc a shluagh, toirbheartach fiall, A throsd cath is buan, os flath a chiall, Donn ’n a fholt, a bhronn mar chailc, Iomlan m’a chorp, lomlan de sheirc, Eire fa chìs, bu choir dha chuis, Meanmnach a bhitheas, dealbhach a ghnuis, Ni bheil rìgh os Goll, ni cheil ort a Fhinn; Treise nan tonn, a ghaisge ghrinn, Flathail fòs, dathail a chneas, Air Gholl nan cleas, ni sliom air theas, Bronntach a dhàil, confhadhach a threòir, Fearanta mìn, mileanta mòr, Do rait gu bràth, ’agh agus ’fhioch, Nimheach ri càch, làmhach an laoch, Cleith chonus bhuan, sonas ’na mhein, Monamarrach cuain, iorghuileach dian, Leomhan air agh, crodha ’n a ghniomh Leobhar a làmh, roghadh nan rìgh, Sonas ’n a ròd, solus a dheud, Cuireas se leòn, gach treun dha mheud, Buan reìm an fhir, buaidh comhraig air, Leidmheach a ghoile, eagnaidh a stair, Laoch guineach lonn, nimhneach fa lainn, Tarchuiseach Goll, argaiseach leinn, Laoch arnaidh mear, feargach r’a chion, Colg confhadhach air, onchu air ghoil, Fearghail nan con, roghadh ghràidh nam ban, Bithidh daimh gun on, do ghnàth ’n a ghoire, Le ’m bitheadh an ròd, a ròd ni ’n tlàth, Meath ’n a ghruaidh, a ghruaidh fo bhlàth, Seangmhor a chruth, aghmhor a rath, Nin treine sruth, no ’reim an cath, Mac Moirne is déine, fa orra a chuala, Ionmhuinn a ghlòire, bu bhuan a ghreann, Triath mòra mear, fiall fior a chor. Gun tair ’n a ghoire, a dhàil air foir, Mac teadaidh caomh, nach tréigeadh daimh, An cogadh rìgh, nior lag a làmh, Uamhor a cholg, is borb a ghleò, ’N uair dh’ eireas ’fhearg trian sealga dha. A Mhic Cumhail ghrinn, comhail ’us geall, Sìth bhuan do Gholl, gun fhuath gun fheall. An nis ri ’m là a gheibhinn dhomh, Bheirinn gun chealg, trian sealga dha, Ni tuilleadh dheth ann, fhir an taise a ’m ghoire Gràdh teann Fhinn, trian chon do Gholl. Treig fioch, a Ghuill, bi sìtheil ruinn, ’N ad ré gun mheang, trian fiodh o Fhionn, Ghabhaidse sin, a Fherghuis aille, Do sgaoil mo ghruaim, ni mair mo mhiann. Charaid gun chealg, beul tana dearg, ’Eineach ’s a lùgh, a chliù os aird. Ard aigne Ghuill.

ANCIENT.

A houdir so Farris Filli.