MODERN.
Gun ainm Ughdair.
A ta fo ’n tulach so tuath, Mac mhic Cumhail a’s cruaidh colg, Mac deudgheal nighinn an Deirg, nach tug r ’a fheirg briathar borb. A ta fo ’n tulach so deas, Mac mhic Cuinn, cneas mar bhlàth, Cha d’ fhuair se neach fa ni, ’an greas nochar mhìn a làmh. A ta fo ’n tulach so shoir, Osgar bu mhaith goil ’us gniomh, Clann Moirn ged is maith na fir, nochar chuir e sin am brìgh. A ta fo ’n tulach so shiar, gille bu mhiann leis na mnathaibh, Mac Ronain do fhuair a bhith clàra, fo ’n tulach so shiar a ta. A ta fo ’n tulach so fodham, am fear a bhi o ’n ghruaig is gràin, Conan do gabh gach muirn, fo’n tulach fodham a ta. A ta.
An t-ùghdair so——.
La dh’ an deachaidh Fionn a dh’ ol, an Almha ’us nior iomadh sluaigh, Seisir bhan ’us seisir fhear inghin gheal ’us ainnir uchd-gheal, Fionn féin ’us Diarmad gun on Caoilte ’us Oisian ’us Osgar, Conan maol gu mall air magh, agus mnathan nan sé laoch sin, Maigheaneas bean Fhinn bu dein, ’us ainnir uchd-gheal mo bhean féin, Gormlaidh aoile is dubha rosg, Naoimh ’us nighean Aonghuis. ’N uair a ghabh misge na mnathan, tugsadar an cuis réidh, Nach robh air an domhain tì seisir bhan ann cho ionraic, A dubhairt an innilt gun on is tulach cearnach an domhain, Ge maith sibhse is iomadh bean nach d’ rinn fios ach ri aon fhear. Goirid air bhi dhoibh mar sin thainig a bhean d’ ar rochdain; Aon bhrat uimpe gun alt agus e ’n a aon fheadh, Thainig nighean a bhrat fhinn am fianuis Mhic Cumhail, Beannaicheas do ’n rìgh gun on agus suidheas ’n a fhaireadh, Feòraicheas Fionn sgeul dhith, de ’n nighinn lùthor lamhghil, A bhean a bhrat gun alt ciod a rad tu as d’ aon fheadh? Is geas do ’m bhrat gun alt bean ann ach ’n a aon òigh Noch cha-n fhaigh dion fo ’m bhrat ach bean an fhir gun ro lochd. Tabhair am brat do ’m mhnaoi féin a deir Conan mòr gun chéill, Gun éisdeamaid am briathar mear, a thug na mnathan a chianaimh, Gabhas bean Chonain am brat, a chuireas uimpe le rachd, Gum b’e sin an luath lochd, ’n uair leig ris uile a geal uchd. Mar a chunnaic Conan maol, am brat air casadh f’a taobh, Gabhas a chraoiseach gu nimh, agus marbhas an nighean, Gabhas bean Dhiarmaid a ghaoil, am brat o mhnaoi Chonain mhaoil, Noch char fearr a bhasa dhith, casaidh am brat f’a ciabh. Gabhas bean Osgair ’n a déigh, am brat co fhada caomh réidh, Ge leobhar sgiath am brat fionn, noch char fholaich a h-imlinn, Gabhas Maigheanas gu h-aille, am brat ’us do chuireas f’a ceann, Do chas us do chuair mar sin, am brat gu luath f’a cluaisibh. Tabhair am brat ars’ Mac Reith, do ’m mhnaoi-sa ni cuis cleith, Gu éisdeamaid a nis gun on, treis eile d’a h-iomlaid domh. Do bheirinnse briathar ris, agus ni briathar eigis, Nach dearnas de fhios ri fear, ach dol duitse an aois leinibh, Nochdas bean Mhic Reith a taobh, cuireas umpa am brat fionn, A soigh eadar chos ’us làmh, na gu leth air a luideinean, Aon phòg d’ fhuaireas am braghad o Mhac O’Dhuine, Diarmad. Do ruitheas am brat o um làr mar bhi si ’n a h-aonaran. Tabhraibh mo bhrat domh a mhnathan, is mi nighean an Deirg ghraine, Noch cha dearnas de lochd, ach fios ri Fionn faobhar nochta. Beir mo mhallachd ’us imich uainn, is e deir Mac Cumhail gom buaidh, A d’ fhagas f’a mhallachd air mnathaibh, na d’ eiridhse thugainn aon la. Aon la.