A h-Ughdair so Gillecallum Mac an Ollaimh.

Ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil, ni comhrag bhi ’n an eugmhais, A chlann do b’ fhearr ’s a chruinne, gur dhiubh gach duine ceud, Clann is saoire de ’r gheibh, an robh eangnath agus aghais, Clann do ’r mhoil na tìrean an robh creidimh ’us cràbhadh. Clann chunbhalach chalm chrodha, clann bu luaithe an am throd, Clann bu mhìne am measg bheotha, ’us bu chalma a chog, Clann bu lionmhor orra, do fhuair aithne ’us aireamh, Clann nar chathaich air eaglais, clann le ’r am b’eagal an càineadh, Gach aon an Albainn uaine, a chlann is cruaidh ghabh baisde. Dh’ an robh treas gach tìre, seabhag fhial air ghaisge, Clann bu mho ’us bu mhear, clann bu ghrinn ’us bu réidh, Clann do ’m b’fharsuinn cridhe, do b’fhearr foighidin ’s féile, Mic rìgh nior thoill an aor an robh diontachd a’s troma, Fir allda uailse o’n uair, an robh bronntachd ’us bochda, Clann do ’m b’fhearr fion ’us fasgath, clann do ’m b’fhearr gaisge laimh, Olc leam giorrad earnaidh, a bhith le ’r sniomhadh an snàth, Nior b’iad na droch fhir mhiodhar, no na fir liomhara laga, Ri dol ann an ionadaibh olc, fir nach cruaidhe a chraig. Clann gun uabhar, gun eucoir, ’n uair gheibh iad eudail chogaidh, G’ar bhuineadh daoine uailse, agus ’g ar bhuineadh bodaich, Mairg o ’r rug an dion mairg a dheilich r’ an caidrimh, Gun aon chlann mar chlann Domhnuil, saor chlann bu chomhrad aigne. Gun aireamh air an urdail, gun chuntadh air an duaisibh, Gun chrioch, gun tùs, gun deireadh, air eineach aig an uailsibh. An toiseach chlann Domhnuil, do bhi foghlum ’ga àithneadh, Agus do bhi ’n an deireadh, fion ’us eineach ’us nàire. Air bhròn ’us air thursa, do ruigeas tuigse ’us foghlum, Gach fhineadh orra ruigeas, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil. Bu treun gaoth an torrunn, fa ’n aicme chrionda chomhrad, Ge taid an diugh fo dhimeas, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil. Na sloigh mhòr ’us an greann, am muirn, am meaghar s’ am foghainteachd, Ni còire bhi ’n an eugmhais, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil. Macan laimh a mhuime d’fhuair saoradh air gach doruinn, Ge ta e dhuinne dìleas, ni h-aoibhneas gun chlann Domhnuil. Ni h-aoibhneas.


ANCIENT.

A houdir so sayane chnoiddurt.

A chinn dermit a echarbre ga loyr hare agis toyill Chay wor loymmi maid di zokgir ga teith i groith reith coyt Cha troyg lwmmi fad zroyk zrannicht, no geith glennich Chay troyg lom gae id chaylow a chinn dermit echarbre Mark a smein a veyym brayd nach bee nawa di chardis Ocht is mark nar heilli teachta a chinn dermit echarbre Di willi letti reith eillith far ymirt eine is argit Ga tey in drillis wr eyrnich a chinn dermit echarbre Reith eilli nin gorn coythoill na chur honor er chartin Mark a chreachta a chness neafzall a chinn dermit echarbre Invin loym a wass werri na zoythle oyr no argit Is lar wansich fley is feyth a chinn dermit echarbre Ea rom er reith nyn nestill in teith faskis la . . . Duarrticht fest o feanon a chinn dermit echarbre. A chinn dermit.

MODERN.

A h-Ughdair so Seathan Chnoideart.

A chinn Diarmaid O’Charbair, g’a leor airc agus tuaghal, Cha mhòr leam meud do dhocair, ge ta e cruaidh ri chuadh. Cha truagh leam fo do ghruaidh ghreannaich, na gaoithe gleannaich, Cha truagh leam ’gad cheangladh, a chinn Diarmaid O’Charbair. Mairg an smuain a bha am braghad, nach bu naimhdeas do chairdeas, Och is mairg ’n uair shaoileadh teachd, a chinn Diarmaid O’Charbair. Do mhilleadh leat Rìgh Ile, fear imirt fhion ’us airgid, Dha ta an trillis ùr earnach, a chinn Diarmaid O’Charbair. Rìgh Ile nan corn cuachail, a chuireas onoir air chairdean, Mairg a chreuchd a chneas neamhgheal, a chinn Diarmaid O’Charbair. Ionmhuinn leam a bhos mhear nach doichleadh òr no argiod, ’Us le’r b’annsa fleadh ’us fiadhach, a chinn Diarmaid O’Charbair. Iarram air Rìgh nan Abstol an ti a phaisgeas le a fheartaibh, D’a fhurtachd am feasd o phianaibh, a chinn Diarmaid O’Charbair. A chinn Diarmaid.

ANCIENT.