In a note at [p. 43], it is said that an edition of the poem by Allan M’Rory, there translated, would be given at the close of the work, as taken down from the recitation of an old woman, Christina Sutherland, in Caithness, in the year 1854. It is now given, but without a translation, which is not thought necessary.
DUAN CATHA GHABHRA.
Is trom an nochd mo chumha féin, guilgeantach mo rian, Smuaineachadh a chatha chruaidh, chuir mise ’us Cairbar claon-ruadh. A mhic ’s a Chormaig shuinn, is mairg sin fhuaireadh fo a laimh, Laoch gun ghràin cha do chuir, ann a dha laimh iuthaidh. Labhairidh Baranta gu prap, cuimhnich Mucanais, cuimhnich fathasd, Cuimhnich ’ur sinnsreadh, ’s ’ur linn, cuimhnich na cìsean bhitheadh cruaidh, Bha aca an Eirinn ri’r linn, gu ’n bhi ag iocadh do Mhac Cumhail. Gu ’m b’fhearr tuiteam air a mhagh, sinn ’us an Fheinn le chéile, No bhi air barr a mhaigh, bhi an Fheinn air a mhòr thir. Chuir sinn ar comhairle chruaidh, sinn ’us an Fheinn ri aon uair, Feuchainn an cuireadh gach òg aghach, ceangal air . . . An oidhche sin duinn gu lò, eadar mhnathan Fhiann ’s na Feinn og òl, An la sin gu ’m bitheamaid muigh, ’g oillt air Chairbar ’na liath-theach. Chuir sinn sin Cath Ghabhra, ’us chuir gu fuathach, fuileach, feargach, Thuit an Fheinn bonn ri bonn, ’us feara uasal Eirinn. Deich fichead agus fichead ceud, sgeul fior, ni abraim breug, Gun robh sinte an la sin, air a mhagh gun anamain, Dha uiread eile ’us sin bha ann, aig rìgh Eirinn, sgeul bu mho, Gun robh sinte air an taobh eile, de uaislibh Eirinn airm-ghloin. Chuir sinn ar teachdair saor, gu Fathacanain mac a Choin, Rachad an teachdair o ar cinn, gu ard thulach Eirinn. Ciod e sin a phlòdh a bhuail oirbh, ars’ an rìgh le meud a thoirm, Is e mheud ’s a bha annaibhse d’an uabhar, sin a mhill na fir eile. Ach innis duinn Oisiain fheile, ’n uair chuir thu gach iorghuill treun, An d’fhuair thu do mhac anns a chath, no an d’rug air ’ard labhradh. Thainig mi an deigh cur an àir, os cionn mo mhic Osgair àigh, Gun d’fhuair mise a sgiath ri làr, ’s ’s a lann ’n a dheas laimh; Chuir mi bonn mo shleagh ri làr, ’us rinn mi os a chionn tàmh, Phadruig, smuainich mise an sin, ciod a dheanainn ri mo shaoghal; Gum b’e freagairt mo mhicse féin, ’n uair bha e an deireadh anamain, “Fo ris na duilibh, thusa a bhi lathair, athar.” Ach nior their mise a ghò, freagairt cha robh agam dhò, Ach an d’ thainig Caoilte cain, thugamsa dh’ fheuchainn Osgair. ’N uair dh’ fheuch Caoilte gach cneadh air chòir, fhuair e gach aon ni o dhòigh, Fhuair e ’chorp creuchdach, glan, air a sgaradh le geur shleaghan; Sleagh chrithinn a Chairbair ruaidh, an innibh Osgair, mo thruaighe! Bha lamh Chaoilte gu uileann deas, ann an àite na sleagha, Leud na coise bhàn air ’fholt, cha robh sin slàn ’n a chorp, Ach an ruigeadh e ’bhonn làr, ach ’eudan ’n a h-aonar. Mar bhuinne aimhne bha a shnuagh, no sruth reothairt bha ro luath, Gun robh e ’cuir ’fhola dheth, ’am blaghaibh a luirich. Thog sinn an t-Osgar suas, chunnacas tochdair mu ’r coinnimh, Fionn mac Cumhail is e treunmhor, ’us e ’g imeachd feadh an t-sloigh, Ag iarraidh mo chorpsa ’s a chath, ’us corp Osgair an aird fhlatha, Corp Chaoilte nach tinn, deagh mhic a pheathair ionmhuinn. Chunnaic sinn nis Fionn, ’us e ’g imeachd feadh an t-sloigh, Thog sinn ar sleagha os ar cionn, ’us ruith sinn uile ’n a chomhdhail. Bheannaich sinn an sin do Fhionn, ’us cha d’fhreagair esan sinn, Ach ruith gu tulach nan treun, far am bith Osgar nan arm geur. ’N uair chunnaic an t-Osgar Fionn, ’us e tamuil os a chionn, Thog e air an aghaidh aluinn, ’us bheannaich e d’a sheanair, Beagan bu mhiosa thu na sin, an la Chab-an-eudainn, Chiteadh na neoil troimh do shlios, ’us dh’fheudar do leigheas, Rachad na coirean air luathainn, troimh do cholainn chraobh uallaich, D’fhuaigheal dh’ iarr thu le goid, nach d’rinneas air laoch romhad. Mo leigheas cha-n ’eil aig fàil, nocha-n fhaighear e gu bràth, Tuilleadh cha-n ’eil agaibh do ’m thoirbheirt, ach an t-sreangsa do ’m ard labhradh, Sleadh Charbair chràdh mo chridhe ’s gur i sgar mi o mo chairdibh, Chuir e sleadh nan naoi slinn, eadar m’imleag ’us m’airnean, Mo thruaighe sin! Osgair fhéile, ’s a dheagh mhic mo mhicse féin, Bha sgaradh na sleagh o do dhruim, ’n am togail cìs o shliochd mhòr Chuinn, D’eisdeachd ri briathraibh Fhinn, an ainm an Osgair dhuinn, Shin e uaith a dha laimh, ’us dhùn e an rosg bha ro mhall. Thionndadh Fionn ruinn a chùl, ’us shil a dheura gu dlù; An taobh muigh de Osgar ’us de Bhran, gun chaoineadh air neach bh’air thalamh. Cha chaoineadh duine a mhac féin, ’s cha chaoineadh e brathair ’n a dhèigh, Bha sinn mar sin uile, ’s gach neach a caoineadh Osgair. A mhain ach mi féin ’us Fionn, cha robh aon neach os a chionn, Nach tug tri glaodhan mu’n uaigh, chuir clos air Eirinn ri aon uair. D’éisdeachd ri beucaich nam fear, ’us sgreadail nan comh-mhilidh, Ri faicinn an oig-fhir threin, ’us e ’n a luidh ’n a bhaoth-neul, Ge b’e rìgh thigeadh an sin, gheibheadh e foide gun aoidh, Gun fhuathach, gun umhladh, gun dail, gun achmhasan, gun iomadan. O’n la chuir mi cath Ghabhra, gu dearbh mi gun trom labhradh, ’Us oidhche cha robh mi no lo, gun osnadh bha gu lionmhor.
T. M‘L.