Seachd fichead sgiath chlis, air gach slios diubh sin;

Caogad uidheam olaidh an timchioll mo rìgh,

Caogad laoch gun iomagain anns gach uidheam dhiubh.

Deich bleidh bàn, ’n a thalla ri òl,

Deich eascradh gorm, deich corn de’n òr.

Ach bu mhaith an treabh, a bh’aig Fionn na Feinn,

Gun doichioll, gun drùth, gun gleois, gun gléidh.

Gun tàrchuis aun, air aon fhear d’a Fheinn,

Aig dol air gach nì, do bhì càch d’a réir.

Fionn flath an t-sluaigh, sothran air a luaidh,