No ceò mu thom nan carragh geur,
Solus chlocha-buadh mu’n cuairt,
Mar chuan mu eathar ’s an oidhche.
Dh’iubhar faileusach an crann;
Suidhear ann air chnàmhaibh caoin;
’S e tuineas nan sleagh a th’ann,
Nan sgiath, nan lann, ’s nan laoch.
Ri taobh deas a’ mhòr-charbaid
Chithear an t-each meanmnach, séidear,
Mac ard-mhuingeach, cliàbh-fharsuing, dorcha,