Air chuimhn’ aig na baird an déigh so.
O! Oscair, claoidh thus’ an treun-armach,
’S thoir tearmunn do’n lag-lamhach, fheumach;
Bi mar bhuinne-shruth reothairt geamhraidh
Thoirt gleachd do naimhdibh na Feinn,
Ach mar fhann-ghaoth sheimh, thlàth, shambraidh,
Bi dhoibhsan a shireas do chabhar.
Mar sin bha Treunmhor nam buadh,
S bha Trathull nan ruag ’n a dheigh ann,
S bha Fionn ’na thaic do ’n fhann