An seann torc Sithe bu ghairbhe,

Do fhac ballardaich na h-alla-muic.

Suidhidh Fionn is deirge dreach,

Fa Bheinn Ghulbainn ghlais an t-seilg,

Do frith dh’ imich leis an torc,

Mòr an t-olc a rinn a shealg.

Ri clàisdeachd co-ghair na Feinn

’N uair ’s an arm a teachd fa ’ceann

Eireas a bheisd o shuain,

’Us gluaiseas uath’ air a ghleann.