Gach la is gach oidhche
Ni mi cuimhneachadh air sloinneadh Brighde.
Cha mharbhar mi,
Cha ghuinear mi,
Cha ghonar mi,
Cha mho dh’ fhagas Criosd an dearmad mi;
Cha loisg teine gniomh Shatain mi;
’S cha bhath uisge no saile mi;
’S mi fo chomraig Naoimh Moire
’S mo chaomh mhuime, Brighde.