Am. Noun masc., time; governed in the Dat. case by the Prep. ri, and preceded by h. Gram. p. [161].
Cruachais. Gen. sing. of the mas. Noun cruachas, hardship, strait; governed in the Gen. by the noun am; compounded of the Adject. cruaidh, hard, and càs, danger, extremity.
Agus. Conjunct., and.
Dìblidh. Adject., feeble, silly.
Uchd. Noun mas. breast, chest; hence it signifies an ascent, a steep; in the Dat. case, preceded by h, after the Prep. ri: ri h-uchd, in ascending, breasting, encountering, assailing.
Feuma. Gen. sing. of the Noun mas. feum, necessity, exigency; governed in the Gen. by the Noun uchd.
Extract from an old Fingalian Tale or Legend.
Dh' imich Garbh mac Stairn agus Dual a dh' fhaicinn Fhinn agus a threun fheara colgach, iomraiteach ann an gniomharaibh arm. Bha Fionn 's an àm sin 'n a thigheadas samhraidh am Buchanti. 'N an turus d'a ionnsuidh, ghabh iad beachd air gach gleann agus faoin mhonadh, air gach allt agas caol choirean. Ghabh iad sgeul de gach coisiche agus gach fear a thachair 'n an còir. Ann an gleann nan cuach agus nan lon, chunnaic bùth taobh sruthain; chaidh a steach, dh' iarr deoch; dh' eirich ribhinn a b' aluinne snuadh a dh' fhàilteachadh an turuis le sìth. Thug i biadh dhoibh r'a itheadh, dibhe ri òl; dh' iarr an sgeul le cainnt thlà. Bhuail gaol o a sùil an Garbh borb, agus dh' innis cia as doibh. "Thainig sinn o thìr nan crann, far an lionor sonn—mac righ Lochlainn mise—m' ainm Garbh na'm b' aill leat—esan Dual, o thìr nam beann, a thuinich ann Albainn o thuath—a ghabhail cairdeis gun sgàth agus aoidheachd o 'n àrd righ Fionn, sud fàth ar turuis a Chiabh na maise—ciod am bealach am buail sinn? seol ar cos gu teach Fhinn, bi dhuinn mar iùl, is gabh duais." "Duais
cha do ghabh mi riamh, ars an nighean bu bhlàithe sùil 's bu deirge gruaidh; cha b' e sud àbhaist Theadhaich nam beann éilde, 'g am bu lionor dàimheach 'n a thalla, 'g am bu tric tathaich o thuath—ni mise dhuibh iùl." Gu gleann-sìth tharladh na fir; gleann an tric guth feidh is loin; gleann nan glas charn is nan scor; gleann nan sruth ri uisg is gaoith. Thachair orra buaghar bho, is rinn dhoibh iùl; thug dhoibh sgeul air duthaich nan creag, air fir agus air mnaibh, air fàs shliabh agus charn, air neart feachd, air rian nan arm, air miann sloigh, agus craobhthuinidh nam Fiann.