Then took they off his star-white sword
And slew the Castle's Giant Lord.
Thus how the captive maid was found,
Oft heard they of The Table Round.
SEANN ORAN GAILIC. [Note: The Gaelic spelt as by Dewar.]
Do reir beulaithris ann an linn Righ Artair bhi ann an Duneidean, bha Triath urramach Eirinneach a chuir tigh dìdean air a chraig ris an abairte Aill-séid-chuan, agus ghoid e na braighde rìomhfhinne uasal, agus thug e i do'n Dun a thog e air Aill-séid-chuan, s bha e ga gleidh an sin na braighde. Bha Righ Artair latha anns a bheinn a sealg, luidh e a' leigeadh a sgìtheas dheth, chaidil e agus bhruadair e air an rìmhfhinne a bha ann am braighdeanas, agus ghabh e toil a cuir saor, ach cha robh fios aige c'aite an robh i. Ghabh sir Bhalbha os laimh dol g'a h iarraidh na'm faigheadh e long o'n Righ. Thug an Righ long dh'a, agus sheol sir Bhalbha gus gun d'fhuair e air thuileamus i, agus thug e dh'ionnsaidh Righ Airteir i, agus b'ann do'n chùis chaidh an t óran a leasas a dheanamh.
Turus a chaidh Righ Arstair s a shluagh
Gu tullach na'm buadh, a shealg;
Gun duine mar-ris an Righ
Ach Sir Bhalbha, fo a lion arm.
Gun duine, &c.
Chunnaic Righ Bhreatun s e na shuain
An aon bhean a b'aillidh snuadh fo'n ghrein
'S b fhearr leis ro na bh'aige a dh'or
An òg-bhean bhi aige fein.
'S b fhearr leis, &c.
Ach b'fhearr leis tuiteam ann an sin
Le comhrag fir, mar bha e fein.
No dol a dh'iarraidh na mnà
S gun fhios aige cia an t'aite fo n ghréin.
No dol a dh'iarraidh, &c.
Thubairt Sir Bhalbha suairce cuin.
'S e mo rùn dol a dh'iarraidh na mnà,
Theid mi fein mo ghille s mo chu
Nar triuir 'g a sireadh gun dàil
Theid mi fein, &c
Seachd seachdainnean le stri
Bha sinn sgìth a sinbhal cuain
Gun chala gun talamh gun fhonn
Gun ionad amis an gabhadh an long tàmh.
Gun chala gun, &c.
Chuannacas an iomall a chuain Ghairbh
Caisteal mór mìn-gheal ghuirm,
Uinneagan gloine air a stuagh
S bu lìon-mhor ann cuaich coirn.
Uninneagan gloine, &c.