Air dhuinn bhi seoladh stigh ri bhun,
Chaidh slabhraidh a chuir a nuas;
S roimh an t slabhraidh cha do ghabh-ar crith
Ach chaidhearurra na m'ruith suas.
S roimh an t slabhraidh, &c.

Cuanna'cas an ighean eididh òg
Air cathair òir na suidhe a steach
Sgàthan gloine air a glùn,
S bheannaich-eam do a gnuis gheal.
Sgàthan gloine, &c.

Fhir a thainig oìrun o'n chuan
S truagh brìgh do bheannachadh ann.

* * * * *

Ged thigeadh am fear mor na m dhàil
Gun iochd gun bhàigh le a chlaidheamh cruaidh,
Air do ghuidh-se a bhean bhlath.
S coingeis leam a ghradh seach fhuath.
Air do ghuidh-se, &c.

Arm cha deargadh air an thear,
Ach a chlaidheamh run-geal fein.
Agus is fhearr dhuit dol fo-chleith
Do aite air leith tearruinnt' o'n eug.
Agus is fhearr, &c.

Chaidh Sir Bhalbha fa-chleith
Agus a steach thainig am fear mor
Tha boladh an fhar-bhalaich a steach
Oirrinn iar teachd o thuinn na traigh.
Tha boladh an, &c.

Anamain, a sheircein, s a rùin
Is mor an gaol a thug mi dhuit,
Cuir thusa do cheann air mo ghlùin,
Agus seinnidh mi ciùin duit a chruit.
Cuir thusa do, &c.

Chuir e a cheann air uchd an ighinn ùir,
Bu ghuirme sùil, s bu ghile deud,
S ge bu bhinn a sheinneadh i a chruit,
Bu bhinneadh an guth bha teachd o a beul.
S ge bu bhinn, &c.

Air dhuinn bhi cuairteachadh na'n cuan
Chaidil e suain, na thruim sheamh fann,
S thug iad an claidheamh a chrios
S ghearr iad gun fhios d'dheth an ceann,
S thug iad an, &c.