There was a large window at the end of the house. He went in at the window. “Get up,” he said, “and get a light, and you will see that I have not been hanged any more than yourself.” When he saw who he had, he kept him till morning, till day came. They then talked together, telling each other what had happened to them on both sides, and thought they would go to Lochbuie, and tell him all that occurred to them. When Lochbuie heard their story, there was not a year after that but he gave each of them an ox and a boll of meal.

LOCHABUIDHE ’S A DHA BHUACHAILLE.

Ann an 1602 bha dà bhuachaille aig Lochabuidhe, ’s thàinig bean an darna buachaille gu tigh a’ bhuachaille eile; agus bean-an-tighe stigh roimpe ’s poit aice air teine; “Dé th’ agaibh anns a’ phòit?” ars’ an té a thàinig a stigh. “Ma ta,” ars’ ise, “deur de bhrochan a bhios aig an duine le ’dhìnneir,” “’Dé,” ars’ an té a thàinig a stigh, “an seòrsa brochain a th’ ann?” “Tha,” ars’ an té a bha stigh, “dubh-bhrochan.”[10] “Nach esan,” ars’ ise, “an duine truagh? Nach ’eil thu ’toirt da dad ach sin? Tha mise an uiread so de ùine fuidh thighearna Lochabuidhe, ’s cha d’ òl mi brochan gun fhionnan-feòla no rud-eiginn ann. Saoil nach beag do thighearna Lochabuidhe, ged a gheibheamaide damh ’s a’ bhliadhna; nach beag a dh’ ionndrainneadh e e? Cuiridh mise an duine agam fhéin a nall an nochd ’s bheir sibh dhachaigh fear de na daimh.”

’N uair thàinig an oidhche chuir i nall e. Chuir a’ bhean an so air falbh an duin’ eile. Thuirt an darna fear, “Goididh tusa an damh thar na buaile, ’s bheir thu thugamsa e, agus bithidh sinn saor; mionnaichidh mise nach d’ thug mi thar na buaile e, ’s mionnaichidh tusa nach d’ thug thu dhachaigh e.”

Dh’ fhalbh an dà bhuachaille. ’S an àm sin chrochadh iad duine tra ’dheanadh e cron, gun fheitheamh ri lagh no binn; ach anns na lathan bha tighearna Lochabuidhe an déigh duine ’chrochadh stigh ’s a’ choille. Dh’ fhalbh iadsan ’s dh’ fhadaidh iad teine aig craoibh ’s a’ choille, mar chomharradh do ’n fhear a chaidh a ghoid. Shuidh fear aig an teine ’s chaidh am fear eile a ghoid an daimh. Air an oidhche fhéin bha mòran de dhaoin’-uaisle ’s a’ Mheigh[11] aig tighearna Lochabuidhe. Bhuail iad air cur gheall ri tighearna Lochabuidhe nach robh duine ’s an tigh aige a bheireadh a’ bhròg thar an fhir a chaidh chrochadh an diugh. Chuir tighearna Lochabuidhe geall riù-san gu ’n robh. Ghlaodh e nuas air a ghille mhòr Mac Phaidean.[12] Thuirt e ris an robh e brath an geall a leigeadh air. Dh’ fharraid an gille mòr c’ ar son a bha ’n geall. Thuirt e ris, gu ’n robh iad ag ràdh nach robh duine ’n a chùirt a bheireadh a’ bhròg thar an fhir a chaidh chrochadh an diugh. Thuirt Mac Phaidean gu ’n tugadh esan dheth a’ bhròg ’s gu ’n tugadh e thuga ann an sud i.

Dh’ fhalbh Mac Phaidean air a thurus. ’Nuair a ràinig e sheall e ’s chunnaic e ’m fear a chaidh chrochadh ’deanamh a gharaidh. Cha deach e na b’ fhaid’ air aghaidh, ’s thill e le cabhaig. ’Nuair a ràinig e thuirt iad ris, an robh a’ bhròg aige. Thuirt e riu nach robh, gur h-ann a bha ’m fear ud ’s làn cléibh de mhòine air a bhialthaobh ’s e ’deanamh a gharaidh. “Dh’ aithnich sinn-fhéin,” ars’ na daoin’-uaisle, “nach robh agad ach an gealtair.” Thuirt an clàraineach[13] a bha thall, “Is ceàrr an rud a tha thu ’deanamh, an geall a leigeadh air; na ’m biodh comas nan cas agam-fhéin dh’ fhalbhainn ’s bheirinn a’ chas dheth co math ris a’ bhròig mu ’n leiginn an geall air tighearna Lochabuidhe!”

“Thig thusa so,” ars’ an gille mòr, “’s cuiridh mise dà chois nach deachaidh riamh ’n leithid ortsa fothad.” Chuir e ’n clàraineach mu chnàimh ’amhaich, ’s dh’ fhalbh e leis. ’Nuair thainig iad ’an sealladh an duine a bha ’deanamh a gharaidh, dh’ iarr an clàraineach tilleadh. Thuirt Mac Phaidean nach tilleadh. Dhlùthaich iad ris an fhear a bha ’deanamh a gharaidh. Thog am fear a bha aig an teine a cheann, ’s mhothaich e dhoibh-san a’ tighinn. Shaoil leis gur h-e a chompanach fhéin, am fear a chaidh a ghoid an daimh, a bha air tighinn. Labhair e ’s thuirt e, “An d’ thàinig tu?” “Thàinig,” ars’ Mac Phaidean. “’S am bheil e agad?” “Tha,” ars’ Mac Phaidean. “’S am bheil e reamhar?” “Biodh e reamhar no caol agad, sin agad e!” ’s e a’ tilgeadh a’ chlàraineich mu ’n teine.

Chuir Mac Phaidean na buinn air, ’s theich e co làidir ’s a rinn e riamh. Leum an clàraineach air falbh as a dhéighinn, chuir e na ceithir raimh[14] orra gu teicheadh. Dh’ éirich am fear a bh’ aig an teine, agus dùil aige gur h-e feadhainn a thainig a dh’ fharcluais air fhéin a bh’ ann, ’s gu ’n robh e nis a sàs. Dh’ fhalbh e as déighinn a’ chlàraineach, dhol a ghabhail a leithsgeul do thighearna Lochabuidhe. Bha an clàraineach ’g a fhaicinn a’ tighinn as a dhéighinn, ’s e làn-chinnteach gur h-e ’m fear a chaidh chrochadh a bh’ ann.

Ràinig Mac Phaidean. Dh’ fharraid iad dheth an d’ thug iad bròg bharr an duine. Thuirt e nach d’ thug, gu ’n dubhairt e ris-san an robh an clàraineach reamhar, ’s gu ’n robh e cinnteach gu ’n robh e air ’itheadh aca roimhe so.

Ràinig an clàraineach ’s an glaodh ud ’n a cheann, esan a leigeadh a stigh, gu ’n robh am fear ud a’ tighinn. Leigeadh a stigh e. Am buileach a bha e stigh, bhuail am fear a bh’ air a’ chroich ’s an dorus, esan a leigeadh a stigh. Thuirt fear Lochabuidhe nach leigeadh. “Is ann a th’ annam,” ars’ esan, “am buachaille agaibh fhéin.” Leig iad ’an so a stigh e. Bhuail e so air innseadh dhoibh mar chaidh e-fhéin ’s am buachaille eile a ghoid an daimh; gu ’n do shaoil esan gur h-e ’m buachaille eile a bha air tilleadh leis an damh, gur h-e ’thug air a dh’ fheòraich an robh e reamhar. Bha spòrs is fearas-chuideachd anabarrach aig tighearna Lochabuidhe ’s aig ’uaislean air a so fad na h-oidhche. Chum iad aca am buachaille gus an robh e ro-fhada dh’ oidhche ’g innseadh naigheachd mar a dh’ éirich dha.