Thàinig so am fear a chaidh a ghoid an daimh. Ràinig e ’chraobh aig an d’ fhàg e ’m buachaille eile ’s cha d’ fhuair e duine. Bhuail e air siubhal sìos ’s suas; mhothaich e ’n slaod ud nuas ris a’ chraoibh. “O,” ars’ esan, “tha thusa air do chrochadh bho ’n a dh’ fhalbh mise, ’s bithidh mise am maireach air an ruith air am bheil thu fhéin. ’S e an turus mi-shealbhach, ’s buaireadh nam ban, a chuir sinne air an turus.”
Ghabh e null ’s thug e’ n duine bhàrr na croiche g’ a thoirt dachaigh. Dh’ fhalbh e ’s cha d’ fhuair e leithid dol roimh mhonadh ’s roimh pholl ’s roimh eabar riamh; mu dheireadh ràinig e tigh na mnatha bha ’n duine air a chrochadh aice. Bhuail e ’s an dorus; dh’ éirich a’ bhean ’s leig i stigh e. “Ciamar a dh’ éirich dhuibh?” ars’ a’ bhean. “Is coma leatsa co-dhiù, mo thruaighe! tha e air a chrochadh o ’n a dh’ fhalbh sinn.”
Chaidh a’ bhean gu glaodhaich agus gu caoineadh. “Na abair guth,” ars’ esan, “air neo bithidh tu fhéin ’s mise air ar crochadh am màireach. Tiodhlaicidh sinn anns a’ ghàradh e, ’s cha bhi fios aig duine am feasd air. Nis (ars’ esan), bithidh mise falbh dhachaigh thun mo thighe féin.”
Ach smaointich am fear a bha ’n Lochbuidhe gu ’n robh an t-àm aige tighinn dachaigh nis. Bhuail e ’s an dorus aige fhéin. Cha dubhairt a bhean guth. Ghlaodh e so a leigeadh a stigh. “Cha leig,” ars’ a bhean, “’s ann a tha thu air do chrochadh; cha tig thu so am feasd!”
“Cha ’n ’eil mi air mo chrochadh fhathast,” thuirt esan.
“Biodh sin mar a dh’ fheudas e dhuit,” ars’ ise, “cha ’n fhaigh thu stigh so am feasd.”
Is e ’chomhairle a smaointich e air, dol gu tigh a’ bhuachaille eile. Ghlaodh e ’s an dorus aig an fhear ud, a leigeil a stigh. Thuirt am fear ud, “Cha tig thu stigh an so; fhuair mise gu leòir ’g ad thoirt dachaigh air mo mhuin ’s tu air do chrochadh.” Bha uinneag mhòr air ceann an tighe ’s ghabh e dh’ ionnsuidh na h-uinneig. Thàinig e stigh air an uinneig. “Eirich,” ars’ esan, “’s las solus ’s gu ’m faic thu nach do chrochadh mise na ’s mò na ’chrochadh tu-fhéin.”
’Nuair chunnaic e gur e a bh’ aige, chum e aige e gu maduinn, gus an d’ thàinig an latha. Chuir iad an so an guth ri chéile a dh’ innseadh dhaibh mar a dh’ éirich dhaibh thall ’s a bhos; gu ’n rachadh iad gu tighearna Lochabuidhe ’s gu ’n innseadh iad dha na h-uile dad mar a dh’ éirich dhaibh. ’Nuair chuala tighearna Lochabuidhe mar a dh’ éirich doibh, cha robh bliadhna tuilleadh nach tugadh e damh do na h-uile fear dhiubh, ’s bolla mine.
NOTES:
[10] Dubh-bhrochan is a thin mixture of oatmeal and water, without meat or vegetables. This seems to have been a popular drink in olden times. When the Lord of the Isles kept state at Duntulm Castle in Skye, no one was admitted into the potentate’s body-guard unless he could take the vessel (diorcal), containing the liquid, with one hand from his companion, take his own mouthful, and pass it on to the next. In the Island of Mull, adjoining the Sound, and opposite Ardtornish, once the seat of the Lords of the Isles, there is a place, probably deriving its name from some fancied resemblance to this dish, called Loch Diorcal.