ANCIENT.

A houdir so so feylim m’ dowle.

Ne math swille sin donich ga bee chongvis in ter Ne math meith clowth a chenich ne math fammyth mnaei begh Ne math screyve gin oylwme ne math coyrin gi gortyth Ne math erle gin wearle ne math marrych na voddych Ne math espic gin varrin ne math aneive er hanor Ne math saggirt er laithwlli ne math parsone gith derrell Ne math longfort gin nimirt ne math innilt gi roith lessga Ne math earlow gin termin ne math tempill gin relik Ne math ben gin weith narrich ne far clarsich gin tead Ne math coggith gin chalmyth ne math gawle phort gin warrich Ne math meydin gith kantich ne math deyvris ir aneich Ne math caslane gin iyr ne math darmit chon teach Ne math gin wrrwm daithyr ne math lawirt ne meshga Ne math skaane gin yvir ne math cleynith ni bree Ne math cardis nin newill did vak a reithin rath our Ga zoyrsee seill aw ne math zawsin a chroichyth Ne math leyor gin twsgsyth ne math dwnni gin charit Ne math fillith gin yvir ne math eilcloth gin tallyth Ne math eadyth gin owkkith ne math sowkgryth gin garrith Ne math meizneive aworrith ne math poissith gin nanyth Ne math corroyn gin warrith ne math traive sin neich Ne math eyggiss gin chawis ne math craw gin nenich. Ne math.



MODERN.

Is e ùghdair so Pheilim Mac Dhughaill.

Ni maith siubhal ’s an domhnaich; ge bith chumas an t-saor. Ni maith michliu a chinnidh; ni maith feamachd mnatha beith. Ni maith sgriobhadh gun fhoghluim; ni maith caoruinn gu goirt. Ni maith Iarla gun bheurla; ni maith maraich ’na bhodach. Ni maith easpuig gun bharun; ni maith ainimh air sheanair. Ni maith sagairt air leth shùla; ni maith parson gu dearoil. Ni maith longphort gun imirt; ni maith innilt gu ro leisg. Ni maith earfhlaith gun tearmunn; ni maith teampull gun reilig. Ni maith bean gun bhi naireach; no fear clarsaich gun teud. Ni maith cogadh gun chalmachd; ni maith gabhail phort gun mharaich. Ni maith maighdean gu cainteach; ni maith doibhreas fhir ainfheich. Ni maith caslan gun oighre; ni maith dearmad chon teach. Ni maith gun urram d ’athair; ni maith labhairt na misge. Ni maith sgian gun fhaobhar; ni maith claonadh na breth. Ni maith cairdeas nan diabhul; do ’d mhac a rioghain rath oir, Ge dh’ fhoir se siol Adhaimh, ni maith dhasan a chroiche. Ni maith leughair gun tuigse; ni maith duine gun charaid. Ni maith filidh gun aobhar; ni maith aoilchludh gun talla. Ni maith eididh gun fhucadh; ni maith sùgradh gun ghàire. Ni maith mighniomh aghmhora; ni maith pòsadh gun àithne; Ni maith coroin gun bhàr; ni maith treabhadh ’s an oidhche. Ni maith eigeas gun chaomhas; ni maith crabhadh gun aithne. Ni maith.