Tha dorsa na h-oidhche dhuit féin,
Agus pàilliuin do chlos ’s an Iar,
Thig na tonna mu’n cuairt gu mall
’Choimhead an fhir a ’s gloine gruaidh,
A’ togail fo eagal an ceann
Ri ’d fhaicinn cho àillidh a’d shuain;
Theich iadsan gun tuar o’d thaobh.
Gabh-sa codal ann ad uaimh
A ghrian, ’us pill an tùs le h-aoibhneas.
Mar bhoillsge grein’ ’s a gheamhradh