Tuiteas sprochd air Fionn na Feinn,
’Us suidheas e ’s a chnoc,
Mac O’ Dhuinn nach do dhiult daimh
Olc leis a thighinn slàn o’n torc.
Air bhith dha fada ’n a thosd,
A dubhairt, ged a b’ olc ri ràdh,
Tomhais, a Dhiarmaid o’ shoc,
Cia meud troidh ’s an torc a ta.
Char dhiult e athchuinge Fhinn,
Olc leinn gun e theachd d’a thigh.