Tombaisidh an torc air a dhruim,
Mac O’Dhuinn nach trom troidh.
Tomhais ’n a aghaidh a rìs,
A Dhiarmaid gu mion an torc;
Fa leat is truagh dha chinn,
A ghille nan arm roinn ghoirt.
Imicheas, bu thurus goimh,
Agus tomhaisidh dhoibh an torc.
Guinidh a fhriogh nimh, garbh
Bonn an laoich bu gharbh an trod.