Maighdean bheul-dearg, foill cha leir dh' i,
'S geal a deud o 'n ceutaich' gàire,
Caoimhneil, beusach, trod neo-bheumach,
'S ro mhaith leigeadh spréidh air àiridh,
Clach-dhatha na h-Alba 's na h-Eirinn,
Nach saltair air feur a h-àicheadh,
Mar dhealt na maidne 'n a h-éirigh,
'S mar aiteal na gréin a dealradh.
A leadan dualach sìos m' a cluasaibh
Chuir gu buaireadh fir a' bhràighe,
Fleasgaich uaisl' a' srì mu 'n ghruagaich,
'N ti tha 'gruaim ris 's truagh a chàramh,
Ach b' annsa leath' cuman 'us buarach,
'S dol do 'n bhuaile mar chaidh h-àrach,
Langanaich cruidh-laoigh m' an cuairt di,
'S binne sud na uaisle chràiteach.
'S gnìomhach, càirdeil, b' fhearr dhomh ràdhainn,
'S glan a h-àbhaist, 's tearc a leithid,
Muime shàr-mhaith nan laogh àluinn,
Im 'us càise théid sud leatha,
Banarach fhortain ghàbhaidh
Nam miosairean làn 's a' chèithe,
Dheanadh i tuilleadh air càraid
'S a phàidheadh dhomh màl Aonghuis Shaw.
An t-àit' am faic sibh 'm bi gibht àraidh
Sùilean chàich bidh 'n sin 'n an luidhe,
Dòmhnull Bàn o 'm mìne Gailig
Bhuin rium làidir as an athar;
Thuirt e, thoir dhomhs' i gu bealltuinn,
Seall an t-earlas tha thu faighinn
Uam-sa, buannachd nan damh Gallda,
No ma 's fearr leat na sin faidhir.
Thuirt Dòmhnull Mac Bheathain 's e 's an éisdeachd,
Nàile, 's fheudar dhomh-sa labhairt,
'S mise 'n t-amadan thar cheud,
A bheireadh cead dh' i 'n déigh a gabhail,
Ach thoir-se nise dhomh féin i,
'S théid nì 'us feudail a' d' lamhaibh,
Gu 'n ruig a 's na tha tilgeadh réigh dhomh
Ann am Banc Dhun-éidinn fathast.
'N uair chual am Ministeir an t-srì
A bha mu 'n rìomhainn thall an amhainn,
Chuir e pìor-bhuic 'us ad shìod' air,
'S chaidh e dìreach orm a dh' fheitheamh,
'S thuirt e, thoir dhomh-s' an ath thìom dhìth,
'S ni mi trì-fillte cho maith thu,
'S ma shearmonaicheas tu féin do 'n sgìreachd
Gheibh thu 'n stìpean 's bean-an-tighe.
Ge pròiseil sibh le 'r n-òr, 's le 'r nì,
Le 'r mòran stìpein, 's le 'r cuid mhnathaibh,
'S fearr leam Flòiri agam fhéin
Na ge do chìt 'iad leis an amhainn,
Dheanainn an còrdadh cho simplidh
'S i dhol cinnteach feadh nan tighean,
Cia mar tha i coltach ribh-se?
'S gur h-e 'n righ tha dol g' a faighinn.
The Mashie, a tributary of the Spey, in the parish of Laggan, runs close by Strathmashie house. It is a small river, but in harvest time, when in flood, it causes considerable damage. The poet takes occasion to censure the Mashie on this account; but he has his pleasant associations in connection with the charming banks of this mountain stream, as expressed in the following stanzas:—
Mathaisith Censured.