Mhathaisith fhrògach dhubh,
Fhrògach dhubh, fhrògach dhubh,
Mhathaisith fhrògach dhubh,
'S mòr rinn thu chall domh.
Rinn thu m' eòrna a mhilleadh,
'S mo chuid ghòrag air sileadh,
'Us cha d' fhàg thu sguab tioram
Do na chinnich do bhàrr dhomh.
Mhathaisith, &c.
Cha robh lochan no caochan,
A bha ruith leis an aonach,
Nach do chruinnich an t-aon lan
A thoirt aon uair do shàth dhuit.
Mhathaisith, &c.
Rinn thu òl an tigh Bheathain
Air leann 's uisge-beatha,
'S garbh an tuilm sin a sgeith thu
'S a' ghabhail-rathaid Di-màirt oirnn
Mhathaisith, &c.
Eulogy on Mathaisith.
Mhathaisith bhòidheach gheal,
Bhòidheach gheal, bhòidheach gheal,
Mhathaisith bhòidheach gheal,
B' ait leam bhi làimh riut.
'N uair a rachainn a' m' shiubhal
B' e sud mo cheann uidhe
Na bh' air bràigh Choire-bhuidhe
Agus ruigh Alt-na-ceàrdaich.